Page:The Celtic Review volume 5.djvu/357

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page needs to be proofread.

PIOBAIREAN SMEARCLEIT 345 PIOBAIREAN SMEARCLEIT From the MSS. of the late Rev. Father Allan Macdonald Bha 'ad ag obair bho ghrein gu grein air chor 's gun robh 'ad ainmeil mu dheireadh. 'S ann 's a Chlaigionn a bha 'ad a fuireach. Mu 'n am am bheil mi dol a dheanamh beagan seanchais mu dheaghainn bha iad ann an t-athair agus a thriuir mhac, dithis glic agus am fear eile bha car 'g a dhith. Cha robh am fear gorach ri piobaireachd idir. Cha togadh e i. Cha robh e ach ag obair air tuathanachas. Tha loch ann an Smearcleit ris an can iad an Loch Briste agus tha ad ag radh gur e na piobairean, an am a bhi spaidsearachd 's a seinn na pioba, a chladhaich an loch. 'S ann a bh' ann roimhe blianag reidh a bha na cuidhe 's tha 'n garadh ri f haicinn f hathast air gach taobh dha 'n loch. Bha lagh aca 's a bhaile agus crodh a bhaile uile gu leir anns a chuidhe agus chuir iad cruinn co bhiodh 'g fhaire na cuidhe h-uile h-oidhche, 'dithis mu seach gus an ruitheadh e air a bhaile. An gille luideach a bha so aig a phiobaire dh' f halbh e fhein agus nighean nabaidh a bh' aige a dh' fhaire na cuidhe. Chunnaic iad an Sithean Ruadh os cionn tigh Eoghainn 'ic Caluim a fosgladh. Dh' iarr esan air an nighin am brod snathaid gun chro a bh'aice na brollach 's gun reachadh e dha'n t-sithein 's e fosgailte. Cha robh ise deonach a toirt da. Bhuail i air trod ris ag radh c' aite am fanadh ise 's gu 'm biodh i marbh leis an eagal ann an sud leatha fhein. ' Tha chead agad a bhi marbh ach thoir thusa dhomh am brod snathaid.' Nuair a dhubh dh' f hairtlich air gu 'n tugadh i dha e thug e cruinn leum h-uice 's thug e bh'uaip e 'g a h-aindeoin. Dh'f hag e ise aig a chachaileith 's mach a ghabh e agus chaidh e dh'an t- Sithean Ruadh. Chuir e 'm brod anns an arddorus. Cho luath 's a chaidh e stigh dh' fhaighneachd iad dheth c' aite robh e dol no gu de 'n ealain a bha e 'g iarraidh. ' S i phiobaireachd an ealain a tha mise g iarraidh.' Thuirt leth- shean duine a bh' ann a sin e thighinn far an robh esan 's gu 'n tugadh e sud da. ' Co dhu ibh 's f hearr leat tlachd a bhi agad