Folk Tales and Fairy Lore/Sìthiche Ghlinne-Garadh, The Glengarry Fairy,
Appearance
Bha bantrach an Gleann-garadh aig an robh leanabh gille. Chaidh i mach latha do'n tobar air-son uisge, agus an uair a bha i 'pilleadh chum an tighe, chuala i 'n leanabh, a dh' fhàg i 'na chadal gu sàmhach anns a' chreathall, a' sgreadail mar gu'm bitheadh e 'n cràdh mór. Ghreas i stigh, agus thug i dha deoch cho luath 's a b' urrainn i. Chum sin sàmhach e tiota, ach bhrist e mach a rithist cho dona 's a bha e roimhe. Thug i deoch eile dha, agus am feadh bha e aig a broilleach, sheall i air, agus chunnaic i gu'n robh dà fhiacail, gach aon diubh còrr agus òirleach air fad 'na bheul, agus gu'n robh 'aodann cho sean, seargta ri aon aodann a chunnaic i riamh.
There once lived in Glengarry a widow with a young child who was a boy. One day she went to the well for water; and when she was returning to the house, she heard the child, whom she had left sleeping quietly in the cradle, screaming as if he were in great pain. She hastened in, and gave him a drink as quickly as she could. This quieted him for a little while, but he soon broke out again as badly as ever. She gave him another drink; and while he was at her breast she looked at him and saw that he had two teeth in his mouth, each more than an inch long, and that his face was as old and withered as any face she had ever seen.
Thubhairt i rithe fhéin: "Tha mi deas a nis, ach fuirichidh mi sàmhach feuch am faic mi ciod a thig as a so."
She said to herself: "Now I am undone, but I will keep quiet until I see what will come of this."
Air an là màireach thog i 'n gille leatha 'na h-asgailt, chuir i tonnag thairis air, agus dh' fhalbh i mar gu'm bitheadh i 'dol do'n ath bhaile leis. Bha allt mór 'na slighe, agus an uair a bha i 'dol thar beul-àtha an uillt, chuir sud a cheann a mach, agus thubhairt e: "Is iomadh buaile mhór a chunnaic mise air d thaobh an uillt so." Cha d'fheith a' bhean ri tuilleadh d'a eachdraidh a chluinntinn, ach thilg i e ann an linne dhomhain a bha fo 'n àth far an robh e greis a' cur charan dheth agus 'ga càineadh agus ag ràdh na'n robh fhios aige roimh làimh gu'm b'e sud an cleas a bha i a' dol a chluich air, gu *n d' fheuch esan cleas eile dhi. An sin dh'fhairich i fuaim mar fhuaim sgaoth eun a' sgiathadh m'a timchioll, ach cha'n fhaca i ni air bith, gus an do sheall i aig a casaibh agus gu dé bha an sin ach a leanabh féin agus gun mhìr air cnàimh dheth na 's mó na air a' chlobha. Thug i leatha dhachaidh e, agus dh' fhàs e uidh air n-uidh na b' fhearr, gus an robh e mu dheireadh cho fallain ri leanabh air bith eile.
Next day she lifted the lad in her arms, put a shawl about him, and went away as though she was going to the next farm with him. A big burn ran across her path, and when she was going over the ford, the creature put his head out of the shawl and said: "Many a big fold have I seen on the banks of this stream!" The woman did not wait to hear more of his history, but threw him into a deep pool below the ford, where he lay for a while, tumbling about and reviling her, and saying if he had known beforehand the trick she was going to play him, he would have shown her another. She then heard a sound like that of a flock of birds flying about her, but saw nothing until she looked at her feet, and there beheld her own child with his bones as bare as the tongs. She took him home with her, and he got gradually better, and was at last as healthy as any other child.