Page:Oran le Uilliam MacCoinnich, do ninghein Choinnich ruaidh mhic fir no Comraich.pdf/4

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page needs to be proofread.

4 O thlath nan dùl tùs rath' fhuair thu, Bhi midhail, ciuin gun àrdan; Tha iochd us cliu, us loinn, us muirnn Air a glaodhadh dlu ri d' nadur; 'S tu air do bhuain a freamh nam buagh, Do 'n treun fhuil uasail statail; Thu fialaidh pailt an gniomh san tlachd, S do chiall coi-streip re t àilteachd. Os cionn t àilteachd riamh cha tàinig Gnuis o laimh na trianaid; Gur soilleir dhuinn, 'n uair rinneadh thu, Nach rabh na Duilin diamliain; Ur rìghin thla's ro rioghail gna's, Do dhìlsean graidh tha lion'ar; stk A gheug nam buagh, ge cian mi bhuait, Na geillse chluain luchd mio-ruin. Mi cian o d' chaidreadh, 's buan dhamh fhaidid, Dh'fhàg sùd m'aigne pianail; Osnadh ghna gun fhois gun tamh, A fhrois gach blàth do m' fhion-fhuil. 'S e bkrosnaich deoir 's a chlaoidh mo threoir An rìoghuinn òg so thriall bhuainn; 'S tu 's trom a dh'fhag mi, oigh mo ghraidh, Le d' bhron 'ta mi cianail.

MARBHRANN Mhic-'ic-Ailein, le Niall Mac Mhuirich. OCH a mhuire me thunaidh, Thu bhi' ad shineadh air t uilinn, 'N tigh mòr mhorair Drumad, Gun ar duil re d' theachd tuille.