Page:Oran le Uilliam MacCoinnich, do ninghein Choinnich ruaidh mhic fir no Comraich.pdf/7

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page needs to be proofread.

7 'S iomad gruagach us breideach, Eadar Hibhist us Sleibhte. Chuaidh am muthadh ma d' dheibhinn, Luidh small air na speurabh, Agus sneachd air na geugan, Ghuil tanlaidh an t sleibhe, O'n la chual iad gu 'n d'eug thu, A cheann uidhe na'n ceud bu mhor pris. A cheann uidhe, &c. Gheibhte ad bhaile ma fheasgar, Smuid mhor's cha be 'n greadan, Fir ur agus fleasgaich, A' losgadh ſudair. le beadradh, Cuirn a's cupaichean breaca, Piosan oir air an deitltreadh, 'S cho b'ann falabh a gheibht iad, Ach gach deoch mar bu neartaire brigbys Ach gach deoch, &c. 'S iomad clogaid us tàrgaid, Agus claidheamh cinn airgid Bhiodh mar coinnibh air ealachainn, Dhomhsa b' aithne do sheanchas, Ge do b' f harsuinn re leanmhuinn, Ann an eachdraidh na hi albunn, Raonuill oig dean beairt ainmeil, O'n ba dual duit a leanmhuinn mar ghioma. O'n bu dual, &c. 'S cha bu lothagan cliata, Gheibnt a'd' stapuill ga 'm biathadh, Ach eich chruidheach shrianach Bhiodh do mhiolchoin air iallabh,