Page:Cumhadh do dh' iarla Earraghaidhail.pdf/3

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has been proofread, but needs to be validated.

3 Co chumas taigheadas greadhnach, Gu buan faoilidh, 'S nach taghail an t Iarla Duibhneach, 'S an dùn-aorach.

Roghuin nan Albanach uile, Do'n ard fhine, A dhaoine nam biodh speis do dhuine Bu bhèud a mhilleadh.

Iarla duais-mhor Earraghaidheal, Garg an Leoghan, Bu mhor an croidhe dh' fhearabh Albann, Fhuil a dhortadh.

Dhaoine ge do fhuair sibh àite, Os ceann Cuirte, os olc a chuir sibh gliocas Alba, Gu sùrd mhillte.

Ge do strachd sibh coir gun cheartas, 'N taichd bhur mio-ruin, Theaga gun tig la nach f hasadh, Dhuibh da dhioladh.

Thuair an fhuill uasal a cèusadh, Mar fhuair Iosa. Ge nach coimeas sud ri chèile, Feudar innse.

Mo thruaighe 'nochd go luchd leanmhuinn, S faoin an seasadh,