Page:Cumhadh do dh' iarla Earraghaidhail.pdf/4

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has been proofread, but needs to be validated.

4

Tha gach duin' aig gabhail gèill dhiu' Dh'èug Gileaspaig.

Dh'èug an tuigse, dh'eug an aithne, Dh'eug an ceannsal, Dh'eug an crann dlitheach treun talmhaidh, Dh'eug an ceann-math.

Beannachd le t' anum am pharais, 'S fiach do chuimhne, Gu'n togbhadh Dia suas bhur n-Alach, A Dhream Dhuibhneach.

Dhream bheadarach, bhuaghach, bhaghach, Mheadhrach, mhuirneach, A labhradh gu foisticeach, fir-ghlic, Brigh gach cùise.

Sud a chlann is uaisle fincadh, Nan steud mearadh, Rè-bhearteach an iúl sa'n Aithne, Chlann-ud uile.

Ge b'e dh' aithrise mo sheanachas, Le mion chuimhne Co's mò tuigs air dhruim talmhuinn. No clann Dhuibhneach.

Blàth a dh'f has os ceann gach fine, Gniomh gun ghainne, Ceann céille, clèir agus sgoile, An Leibhidh uile.